Fear às Inbhir Nis a dhìth

  • 22 An Lùnasdal 2017
Steven O'Neil Image copyright Poileas Alba
Image caption Thuirt na Poilis gun robh Steven O'Neil ullaichte airson campachaidh.

Dh'iarr na Poilis taic ann a bhith a' lorg fireannaich, 54, air nach eil sgeul bhon t-seachdain seo chaidh.

Chunnacas Steven O'Neil mu dheireadh a' coiseachd air Rathad Eaglais an t-Sabhail ann an Cùil Lodair mu 4:30f Dihaoine.

Thathas a' tuigsinn gun robh e a' dèanamh air cearcall-rathaid Bhaile a' Ghobhainn air an A96.

Thuirt Poileas Alba gun robh Mgr O'Neil ullaichte airson campachaidh, agus gun robh hudaidh liath air, aodach air muin sin a bha na bu dhuirche, agus ad fedora.

Tha e 6'4" de dh'àirde, 's e meadhanach tapaidh le falt goirid donn.

Tha Mgr O'Neil a' fuireach an Inbhir Nis, agus bidh e a' caitheamh speuclairean, 's tha blas-cainnte Ghlaschu aige.

Thuirt an Insp. Alasdair MacLeòid aig Poileas Alba: "Tha na h-uimhir de dh'iomagain ann mu shàbhailteachd Mhgr O'Neil, agus tha sinn airson fhaighinn a-mach càite a bheil e.

"Bha e ullaichte airson campachaidh, agus mar sin 's dòcha gun deach e gu làrach campachaidh, no a' campachadh a-muigh air an dùthaich.

"Dh'fhaodadh cuideachd gun do dh'fhalbh e na b' fhaide air falbh bho sgìre Inbhir Nis, agus dh'iarrainn air daoine a chì duine coltach ri Mgr O'Neil fios a chur oirnn."