15,000 air bàrr a' chaisteil

  • 22 An Lùnasdal 2017
Sarah agus Brad Allred, Pròbhost Inbhir Nis Eilidh NicIlleMhìcheil, agus Lesley Junor aig Highlife Highland Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Tha còrr is 15,000 duine air tadhal air clàr seallaidh tùr Chaisteil Inbhir Nis bho chaidh fhosgladh don phoball.

Dh'fhosgail an clàr sa Ghiblean am-bliadhna, an dèidh obair-leasachaidh a bh' air a maoineachadh tro Aonta Baile agus Sgìre Inbhir Nis.

Dimàirt, chuir an caisteal fàilte air a' 15,000mh neach-tadhail - Sarah Allred, à San Diego ann an California.

Bha i a' tadhal air a' chaisteal airson a' chiad turais còmhla ris an duine aice Brad.

Chaidh flùraichean a thoirt dhi airson a chomharrachadh.