Uisge-beatha orgànach na Morbhairne

  • 22 An Lùnasdal 2017
Uisge-beatha Image copyright PA

Thòisich taigh-staile anns a' Mhorbhairne a' dèanamh uisge-beatha orgànaich.

Chaidh còig cosnaidhean a chruthachadh aig taigh-staile nan Drumainean thuige seo, agus tha dùil aca obair a bharrachd a chruthachadh sna bliadhnaichean ri teachd.

Tha iad cuideachd an dùil gum bi an t-uisge-beatha ri cheannach anns a' bhliadhna 2020.

Chan e càil ùr a th' ann an uisge-beatha orgànach.

'S e an aon sheòrsa a bh' ann gu suas ri 50 bliadhna air ais, nuair nach robh ri fhaotainn ach eòrna a chaidh fhàs gun todhair gallda, no stuthan ceimigeach sam bith air a fhrasadh air, airson a bhrachadh.

Chan eil ann an uisge-beatha ach eòrna, uisge agus beirm.

San là a th' ann ge-tà, tha a bhith a' cleachdadh eòrna a chaidh fhàs gu h-orgànach na roghainn a-mach às an àbhaist.

"Ged a tha iad a' cur ainm orgànach air, cha bhiodh càil a dh'fhios agad nuair a bhlasadh tu e," thuirt eòlaiche an uisge-bheatha, Murchadh Caimbeul.

"'S e beàrn bheag den mhargaid an-diugh.

"Chan eil iad a' dol a reic mòran dheth o chionn gu bheil e orgànach, chan eil mi a' smaoineachadh.

"Tha companaidh eile ann an Eilginn a th' air a bhith a' dèanamh stuth orgànaich o chionn tha mi a' creidsinnn còig no sia bhliadhnaichean a-nise, 's chan eil mi a' faicinn gu bheil buannachd mhòr sam bith air a bhith acasan às.

"Bidh e math co-dhiù," thuirt e.