Aiseagan nas saoire aig tuath

  • 22 An Lùnasdal 2017
Aiseag Arcaibh Image copyright Getty Images

Thèid faraidhean nas saoire a stèidheachadh air na slighean gu na h-Eileanan mu Thuath bhon ath-bhliadhna.

Tha Ministear na Còmhdhail agus nan Eilean, Humza Yousaf, ann an Lèaruig Dimàirt airson na sgeamaichean fhoillseachadh.

Bhon ath-bhliadhna, thig lùdachadh 40% anns an fharsaingeachd air prìs thiocaidean do luchd-siubhail, agus thig lùghdachadh 30% anns na tiocaidean airson chàraichean.

Thèid cur às dhan sgeama lasachaidh a th' ann an-dràsta dhan fheadhainn a tha a' fuireach anns na h-eileanan, agus diofair phrìsean 'son diofar amannan den bhliadhna, agus thèid aon ìre a stèidheachadh.

Tha dùil gum faigh Pentland Ferries, a tha a' farpais ri SercoNorthlink Ferries subsadaidh bhon Riaghaltas 'son a' chiad uair.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Humza Yousef, gum biodh siubhal air ais agus air adhart chun nan eileanan a-nise nas tarraingiche do mhuinntir nan eilean agus luchd-turais, agus gum bi na faraidhean a-nise nas coltaiche rin fheadhainn a th' air aiseagan air taobh siar na dùthcha agus air Chluaidh.