Ceistean mu NHS na Gàidhealtachd

  • 22 An Lùnasdal 2017
Cùram Image copyright Science Photo Library

Chaidh ceist a thogail mu chomas Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd an luchd-obrach aca a chur gu feum gu h-èifeachdach.

Chan eil Ospadal Lawson Memorial ann an Cataibh a' gabhail euslainteach a bharrachd ri linn gainnead luchd-obrach.

Thuirt am bòrd-slàinte gur e "suidheachadh sònraichte" a bha seo le cion luchd-obrach agus luchd-obrach a tha tinn.

Dh'innis iad gun robh seo a' bualadh orra anns na seachdainnean mu dheireadh is gun robh iad a' dèiligeadh ri cùisean, ach gu bheil luchd-obrach eile a-nise tinn cuideachd.

'S e seo an ceathramh ospadal air a' Ghàidhealtachd a th' anns an t-suidheachadh.

Tha cion luchd-obrach mar-thà air buaidh a thoirt air Ospadal New Craigs an Inbhir Nis, Ospadal Coimhearsnachd Inbhir Ghòrdain agus Ospadal Phort Rìgh.

Thuirt BPA Ghallaibh, Chataibh is Rois, Gail Ross, gu bheil i a' tuigsinn gu bheil e uaireanan doirbh luchd-obrach fhastadh.

Thuirt i, ge-tà, nach bu chòir trioblaidean mar seo a bhith a' tighinn am bàrr cho tric.

"Tha e coltach gur e rud a tha seo a tha a' leantainn aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd is tha mi air sgrìobhadh thuca grunn thursan", thuirt Gail Ross.

"Tha ceist ann a bheil iad a' cur an luchd-obrach aca gu feum anns an dòigh a bu chòir", thuirt i.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e suidheachadh eadar-amail a th' ann aig Ospadal Lawson Memorial, is gu bheil iad an dòchas gun tèid an gnothach a rèiteach ''ann an uine nach bi fada''.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile