Fios ga shireadh mu theine air an A9

  • 21 An Lùnasdal 2017

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh bhana a lorg na theine ri taobh an A9 tràth madainn Diluain.

Fhuaireadh am bhana bìdhe ann an àite stad tuath air Drochaid Chromba.

Chuir an t-Seirbheis Smàlaidh an teine às is cha deach duine a ghoirteachadh.

Chaidh am bhana a sgrios, ge-tà, is tha na poilis ag ràdh nach eil fios aca dè dh'adhbhraich an teine.

Tha iad 'son bruidhinn ri duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chùis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile