Taigh-dhealbh ùr don Ghearasdan?

  • 21 An Lùnasdal 2017
Seann taigh-dhealbh a' Ghearasdain, agus planaichean ùra
Image caption An seann taigh-dhealbh sa Ghearasdan, agus planaichean airson an fhir ùir.

Chan eil taigh-dhealbh anns a' Ghearasdan tuilleadh, 's tha feadhainn ag iarraidh fear a chur air chois às ùr.

Fhuair Buidheann Taigh-Dhealbh Loch Abair cead-dealbhachaidh airson àite ann an meadhan a' bhaile.

Bha coinneamh ann air an deireadh-sheachdain airson fiosrachadh a thoirt seachad.

"An seann taigh a bha an seo, bha e tuilleadh is beag," thuirt Gladys NicÌomhair, a tha a' fuireach san sgìre.

Ath-bheothachadh

"A rèir nam planaichean a tha seo tha iad a' coimhead gu math nas motha na bhiodh an seann talla.

"Tha iad a' coimhead gu math sònraichte, na planaichean sin," thuirt i.

Is coltach gu bheil nàdar de dh'ath-bheothachadh a' tighinn air taighean-dealbh air a' chosta an iar.

Thòisich sin le taigh-dhealbh an Òbain a bhith air a ghabhail thairis leis a' choimhearsnachd.

Lean muinntir Cheann Loch Chille Chiarain orra sin, agus tha muinntir a' Ghearasdain a-niste ag iarraidh an taigh-dhealbh acasan air ais cuideachd.

"Bhiodh 77 suidheachan ann am fear de na tallaichean, agus bhiodh 56 san fhear eile," thuirt Iain Gilleasbaig, a tha na ionmhasair air Buidhinn Taigh-Dhealbh Loch Abair.

"Bhiodh e math dha-rìribh taigh-dhealbh le dà thalla a bhith againn sa Ghearasdan a-rithist, far a bheil feum - gu h-àraid feum aig an luchd-turais - air rud a nì daoine air là fliuch - rud a bhios againn caran tric."

Tha a' bhuidheann an dòchas gun tèid aca air fiolmaichean ùra a shealltainn cola-deug an dèidh dhaibh tighinn a-mach.

"Bhiodh e dìreach uabhasach cudromach rud mar sin a bhith againn anns a' bhaile seo," thuirt Gladys NicÌomhair.

"Gu sònraichte àm an t-Samhraidh dar nach eil mòran a' dol eadar luchd-ciùil agus cèilidhean 's rudan mar sin.

"Bidh fèisean 's rudan mar sin ann ceart gu leòr, ach chan urrainn don a h-uile duine a dhol do rudan mar sin.

"Feum mòr"

"Ach leithid seo, dhèanadh e feum mòr don bhaile," thuirt i.

Tha Buidheann Taigh-Dhealbh Loch Abair a' cur romhpa dà aonad ann am meadhan a' bhaile a cheannach airson £180,000.

"Tha sinn air bruidhinn ri HIE agus tha sinn a' coimhead an-dràsta air Stòras an Fhearainn. Tha sinn an dòchas an t-airgead fhaighinn troimhe sin mar ghrannta gus cuideachadh ann a bhith a' ceannach nan togalaicheanm," thuirt Iain Gilleasbaig.

"An uair sinn bhiodh sinn a' sireadh tuilleadh mhaoineachaidh phoblaich mu choinneimh na h-aonadan a sgeadachadh agus an cur gu dol airson an dà bhliadhna a tha romhainn 's gum bi taigh-dhealbh againn sa bhaile.

"'S e maoin choimhearsnachd a bhiodh fa-near dhuinn - rud a bhiodh leis a' choimhearsnachd fhèin," thuirt e.

Tha a' bhuidheann cuideachd an dòchas gum bi cuideachd òraidean agus bùithdean-obrach ceangailte ris na h-ealain, dràma agus saidheans gan cumail san taigh-dhealbh ùr, agus gum fosgail an goireas an ceann dà bhliadhna.