Ceist mun Chamas Mhòr

  • 21 An Lùnasdal 2017
An Camas Mor (picture courtesy of Cairngorms National Park Authority) Image copyright Other

Thog Comann Rìoghail Dìon nan Eun teaghamhan mun bhaile ùr a tha san amharc faisg air an Aghaidh Mhòir.

Fon phlana, rachadh 1500 taigh ùr a thogail air Oighreachd Rata Mhurchais.

'S e 'An Camas Mòr' a th' air an leasachadh.

Fhuaireadh cead ann am prionnsabal ann an 2014, ach dh'iarr an luchd-leasachaidh gun rachadh cùmhnant a bha an cois a' chead-dhealbhachaidh a' sguabadh às - sin casg air barrachd air 600 ceud a thogail gun sgrùdadh a dhèanamh air buaidh air an àrainneachd.

Aig coinneimh Dihaoine, thug Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh cead seachad sin a dhèanamh.

Tha an RSPB ag ràdh, ge-tà, gu bheil ceistean mòra ann fhathast mun bhuaidh a bheir an leasachadh air coilltean faisg air làimh a tha a' dìon a' chapaill-choille.

Thuirt a' bhuidheann nach eil iad a' cur an aghaidh barrachd thaighean ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, ach gur e seo an sgìre as làidire a th' ann a thaobh a' chapaill-choille.

Tha beagan a bharrachd air 1000 capall-coille ann is 83% dhuibh sin ann am Bàideanach is Srath Spè.

Thuirt an RSPB gum bi an leasachadh a' ciallachadh gum bi barrachd dhaoine a' tadhal air na coilltean, is nach eil iad den bheachd gu bheil plana ann aig an ìre seo airson dèiligeadh ris a' bhuaidh a bhios aige sin air na h-eòin.

Thuirt iad gun cùm iad orra le comhairle a thoirt seachad, ach gur ann air an luchd-leasachaidh is Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta a tha an t-uallach air a' cheann thall 'son dèanamh cinnteach nach cuir an leasachadh an capall-coille ann an cunnart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile