Fiosrachadh mun phlùc agus a' chlaimh

  • 21 An Lùnasdal 2017
Uan

Bheir Buidheann Àrach Chaorach Leòdhais agus na Hearadh eòlaichean dha na h-eileanan airson fiosrachadh a thoirt do chroitearan mu a bhith a' dèiligeadh ris a' phlùc agus a' chlaimh.

Tha a' bhuidheann ag ràdh g'eil am plùc gu h-àraid a' dol am meud 'sa dèanamh call air beathaichean, ach gu bheil a' chlaimh cuideachd air ceann a thogail a-rithist.

Tha am plùc air a bhith measg chaorach nan eilean bho chionn bliadhnaichean mòra, ach tha e coltach gu bheil e air a bhith a' fàs nas miosa sna bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha tòrr a' coireachadh na h-aimsir fluiche a tha a' toirt cothrom dha na biastagan beaga tha ag aobhrachadh a' chall gluasad nas fhasa am measg nan caorach.

Tha dragh ann cuideachd nach eil na drogaichean cho math ann a bhith a' dèiligeadh ri na biastagan sa chleachd.

Cliù

Thug Niall MacLeòid bhon bhuidhinn rabhadh seachad gum feum croitearan a bhith air am faiceall airson cliù an cuid stuic a dhìon.

"Tha e mar a tha a h-uile càil eile. Ma bhualas càil mar sin, tha thu faiceallach agus a' dèanamh a h-uile càil a bu chòir a dhèanamh.

"Ach mar a tha an t-sìde a' dol air adhart tha daoine a' fàs rudeigin coma, mì fhìn am measg a h-uile duine eile, agus a' cantainn, ach uill, tha sinn an ìre mhath seachad air. An ath rud tha e gad bhualadh a-rithist.

"Feumaidh sùil a bhith air a h-uile càil a tha sin fad an t-siubhail," thuirt Mgr MacLeòid.

Chan eil am plùc gabhaltach am measg bheathaichean ach tha a' chlaimh.

"Ni rud cho beag e. Falbhaidh na h-eòin leis bho phìos chlòimh bho fheansa," thuirt Mgr MacLeòid.

Riaghailtean

Bha a' chlaimh fo smachd airson bliadhnaichean cho fads gu robh daoine a' dupadh nan caorach aig na h-amanan ceart.

Ach le riaghailtean a chur às dha na seann sheòrsaichean dup, agus a tha a' fàgail an dupadh no injection an urra ri croitearan fa leth, agus barrachd bheathaichean dhan gluasad air ais agus air adhart bho thìr-mòr, tha cothrom air a bhith aig a' ghalar nochdadh a-rithist.

Tha dùil ri eòlaichean bho Institiud Roslin an Oilthigh Dhùn Èideann sna h-eileanan san t-Samhain.