Cobhair air triùir sa Chuiltheann

  • 21 An Lùnasdal 2017
Danny MacAsgaill Image copyright Cut Media
Image caption Danny MacAsgaill anns a' bhideo The Ridge.

Rinnear cobhair air triùir fhireannach a dh'fheuch ri lorg fhaighinn air àite san Eilean Sgitheannach a chithear sa bhideo The Ridge le Danny MacAsgaill.

Thuirt Buidheann Theasairginn Beinne an Eilein Sgitheanaich gun deach an triùir air chall ann an droch shìde faisg air an Sgurr Dhearg Dihaoine.

A-rèir fear-labhairt bhon bhuidhinn bha na fir air bhideo Mhgr MhicAsgaill fhaicinn.

Chan e seo a' chiad turas a b'fheudar dhan bhuidhinn theasairginn cobhair a dhèanamh air daoine a bha air misneachd fhaighinn à bhideo an Sgitheanaich.

Sa Ghiblean bhris boireannach a cas nuair a thuit i far baidhdeagail ann an Coire Lagain, a tha mu 2,000 troigh shuas sna Chuiltheann.

Cleasan

Às dèidh sin chuir a' bhuidheann theasgairginn ìmpidh air daoine gun cleasan Mhgr MhicAsgaill fheuchainn iad fhèin.

Aig bàrr an Sgurra Dheirg tha creag aithnichte mar an Inaccessible Pinnacle, neo an Inn Pinn.

Chaidh Danny MacAsgaill gu bàrr na creige anns a' bhideo.

Thuirt a' bhuidheann theasairginn gun robh dithis dhan triùir a chaidh air chall Dihaoine a' fulang fo bhuaidh na fuachd.

Thòisich iad a' faireachdain nas fheàrr an dèidh dhaibh cupan tì fhaighinn, thuirt a' bhuidheann.