Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Maraichean

Tha sgiobannan teasargainn à Malaysia, Singapore agus na Stàitean Aonaichte a' coimhead 'son deichnear mharaichean Aimeireaganch a tha a dhìth an dèidh do shoitheach cogaidh Aimeireaganach bualadh ann an tancair ola ann an Caolas Malacca faisg air Singapore. Chaidh còignear eile de na seòladairean Aimeireaganach a' ghoirteachadh. Thill am bàta-cogaidh, an USS JOHN S. MCCAIN, gu Singapore agus i air a tolladh. Seo an dàrna tachartas den t-seòrsa le soitheach cogaidh Aimeireaganach air an dà mhìos mu dheireadh.

Catalonia

Thuirt poilis ann an Catalonia gu bheil iad a' leudachadh, gu air feadh na h-Eòrpa, an rannsachadh 'son duine a tha fo amharas mun cheannairc ann am Barcelona an t-seachdainn seo chaidh. Tha iad a' coimhead 'son Younes Abauyaaquob, fear a bhoineas do Morocco, agus iad den bheachd gur e draibhear na bhan a mharbh 13 duine sa bhaile Diardaoin.

Marseille

Thuirt poilis anns an Fhraing gun deach co-dhiù aon duine a mharbhadh nuair a bhual car ann an daoine a bha a' feitheamh ri bus ann am baile Marseille ann an ceann a deas na dùthcha. Chaidh an draibhear a chur an grèim. Cha d'thuirt na poilis am bheil iad a' dèiligeadh ris an tachartas mar cheannairc, air a neo mar thubaist.

Brexit

Bidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' foillseachadh tuilleadh fiosrachaidh an t-seachdainn seo mun bharganachadh ro Bhrexit. Thig na h-uimhir de phàipearan a-mach agus nam measg, fear ag innse mu cho-obrachadh laghail nuair nach bidh an corr ùghdarras aig Cùirt Cheartais na h-Eòrpa ann am Breatainn.

Bhòtaichean

Bha 1.8 million bhòt ann an Alba nach tug buaidh sam bith air an taghadh choitchean am bliadhna, a-rèir athaisg bho Chomann Ath-leasachaidh nan Taghaidhean. Tha iad a' cumail a-mach gun robh 66% de bhòtaichean na h-Alba gun fheum nuair a thàinig e gu ball pàrlamaid a thaghadh 's tha iad ag ràdh gu bheil siostam PR a dhìth airson Westminster.

An Camas Mòr

Tha Comunn Dìon nan Eunlaith a' togail theaghamhan mòra mun bhaile ùr - An Camas Mòr - a fhuair cead faisg air an Aghaidh Mhòir am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, agus dragh orra mu bhuaidh air na coilltean anns a bheil am an capall-coille. Ged a tha cumhnantan togail mu choinneamh làrach an leasachaidh, anns am bidh corr 's 600 taigh, tha an RSPB a' ràdh gun toir e buaidh air sgìre gu math nas fharsainge na sin.