Cion àiteachan-parcaidh san Òban

  • 21 An Lùnasdal 2017
An t-Òban Image copyright Geograph/James Hearton

Thuirt fear de chomhairlichean an Òbain gur dòcha gur e togalach le iomadh làr an fhreagairt do staing a' bhaile a thaobh cion àiteachan-parcaidh.

Tha e doirbh do dhaoine àiteachan a lorg aig àrd an t-seasain thurasachd.

Tha co-chomhairleachadh poblach a' dol an-dràsta mu a bhith a' leudachadh cìsean-parcaidh san Òban.

Bha dùil gun tigeadh an co-luadar gu ceann aig an 18mh den Lùnastal ach chaidh a leudachadh ceala-deug eile airson cothrom a bharrachd a thoirt dhan phoball beachd a thoirt seachad.

Molaidhean

Thuirt fear de chomhairlichean a' bhaile, Ruairidh MacCumhais, gur e an t-amas gum bi e nas fhasa do dhaoine àite-parcaidh fhaighinn le a bhith a' bronsachadh dhraibhearan gun a bhith a' fàgail nan carbadan aca cho fhada.

Thathas a' moladh cìsean a chur air cuid a dh'àiteachan-parcaidh a bha roimhe an asgaidh, leithid Rathad a' Ghallanaich agus an Esplanade eadar an Gleann Rìgh agus an carragh-cuimhne.

Ach thathas cuideachd a' moladh gum bi am prìomh shràid tron bhaile, Sràid Sheòrais, agus sràidean eile an asgaidh airson a' chiad leth uair a thìde.

Thuirt Mgr MacCuthais gun deach na molaidhean a chur air adhart an dèidh dhan chomhairle èisteachd ri gnothachasan sa bhaile.

Tha esan ag iarraidh togalach-parcaidh le iomadh làr ann am meadhan a' bhaile.

Thuirt e gum biodh làrach a tha fo shealbh na comhairle air Sràid Tweedale freagarrach air a shon.

"Bu chaomh leam compàirteachas fhaicinn le buidheann nàiseanta a leigeadh linn na h-àiteachan-pàrcaidh sin fhaighinn ann am meadhan a' bhaile," thuirt e.

Mì-thoileachas

Tha cuid nach eil toilichte le na molaidhean, ge-tà.

A rèir Iain Dhùghaill chuireadh parcadh a bhith an asgaidh fad 30 mionaid air Sràid Sheòrais maill air draibhearan eile.

"Bhiodh cùisean nas trainge air Sràid Sheòrais. Bhiodh ceist ann mu shàbhailteachd cuideachd.

"Bhiodh càraichean a' gluasad sa stad fhad s' a tha daoine a' parcadh. Bhiodh Sràid Sheòrais na raon-parcaidh trang an àite sràid le carbadan a' gluasad gun bhacadh," thuirt e.

Thig an co-luadar gu ceann air an 1mh den t-Sultain.