Dithis an grèim an dèidh rèid dhrogaichean

  • 21 An Lùnasdal 2017

Thugar dithis fhireannach an grèim ann an Siorrachd Rois co-cheangailte ri drogaichean luach mu £20,000 a chaidh fhaighinn Dihaoine.

Fhuair oifigearan poilis cocaine, heroin agus diazepam ann an rèidean ann an sgìre Inbhir Pheofharain.

Thuirt na poilis gun deach na mìltean notaichean a chur an sàs cuideachd.

Chaidh an dithis fhireannach, aois 54 agus 33, a chumail an grèim agus thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.

Bha na rèidean am measg còrr is 40 a chaidh a dhèanamh le Poilis Alba sa cheann a tuath san deich latha mi dheireadh.