Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Barcelona

Tha ùghdarrasan na Spàinne den bheachd gun robh lìonra de cho-dhiù ochdnar air cùlaibh dà ionnsaigh cheannairc anns an dùthaich. Chaidh 13 duine a mharbhadh agus mòran a leòn nuair a bhuail bhana ann an daoine ann am meadhan Bharcelona feasgar an-dè. An-raoir, chaidh còignear a bha fo amharas ceannairc a mharbhadh ann an Cambrils 65 mìle air falbh. Bha iad air càr a dhràibheadh a-steach air daoine agus chaidh seachdnar a ghoirteachadh. Cuideachd tha oifigearan air an dà ionnsaigh a cheangal ri spreadhadh aig taigh ann an Ancanar, oidhche Chiadain. Chaidh triùir a chur an grèim ach tha dràibhear na bhana fhathast ma sgaoil.

RBS

Tha àrd-stiùiriche Bhanca Rìoghail na h-Alba ag ràdh nach eil e a' tuigsinn carson a tha daoine airson seann cheannardan a' bhanca fhaicinn sa chùirt. Thuirt Ross MacEoghain, nach do rinn iad càil mì-laghail. Chaidh cobhair a dhèanamh air RBS le airgead luchd-pàighidh nan cìsean ann an 2008, agus bhon uair sin tha cosgaisean laghail agus peanasan luach nam billeanan Notaichean air a dhol orra.

An Camas Mòr

Tha dùil gun tèid an cead deireannach a thoirt an-diugh do bhaile ùr ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Fhuair Turnberry Planning Eta cead ann am prionnsabal bho chionn trì bliadhna gus 1,500 taigh a thogail faisg air an Aghaidh Mhòir. Ach tha iad a-nis air atharrachadh iarraidh air aon de na cùmhnantan a bha an lùib a' chead dhealbhachaidh.

Glaschu

Tha cuid air tilleadh a dh'obair an-diugh aig Margaid Mheasan Bhaile a' Chàirn air taobh sear Ghlaschu, far an robh teine mòr an-dè. Chaidh milleadh mòr a dhèanamh, agus tha dùil gun toir sin buaidh air obair na margaid a bhios a' reic ghlasraich, mheasan, èisg agus dhìtheannan ri bùithdean agus taighean-bìdhe air feadh taobh siar na dùthcha.