Pontùin is acraichean san Tairbeart

  • 18 An Lùnasdal 2017
Tairbeart na Hearadh Image copyright Getty Images

Tha am pròiseact gus an Tairbeart a dhèanamh nas goireasaiche do iachtaichean air tighinn air adhart.

A thuilleadh air a bhith a' stèidheachadh phontùn sa chaladh, tha Leasachadh na Hearadh Eta a-nis air tòiseachdainn air acarsaidean a chruthachadh do shoithichean a bhios a' tadhal air an àite.

"Tha sinn air a bhith a' cur sìos acraichean. Feumaidh acraichean a dhol sìos airson nam pontùn, agus cuideachd tha acraichean gu bhith againn airson iachtaichean a dhol air acaire air an Tairbeart," thuirt Cathraiche na buidhne, Coinneach MacLeòid.

"Tha sin air a bhith a' dol a-steach an t-seachdain seo.

"Bheir e cothrom do dhaoine nach eil airson a dhol air na pontùin, gum faigh iad air a dhol gu acaire sàbhailte.

"Tha sinn air a bhith ag obrachadh còmhla ri CalMac airson a dhèanamh cinnteach gum bi e rianail 's nach bi cùisean a' dol anns an rathad air an aiseag 's mar sin.

"Tha sinn air na h-acraichean a chur ris a' chreig air taobh a deas chidhe an Tairbeirt, agus bidh na h-iachtaichean a' ceangal air an toiseach 's air an deireadh, agus cha bhi iad a' dol mun cuairt no càil mar sin, 's tha sinn gan cumail cho fada air falbh bhon aiseag 's as urrainn dhuinn," thuirt e.