Prìsean sìos ann an Inbhir Pheofharain

  • 18 An Lùnasdal 2017

Chaidh 15,573 uan a reic aig fèill Inbhir Pheofharain Diardaoin - ach, anns a' chumantas, bha prìsean sìos air a' bhliadhna an-uiridh.

Bha uain bhoireann, caora-mhaol, a' falbh anns a' chumantas airson £52.15 - 12sg nas lugha na fhuaras orra an-uiridh.

Bha uain fhireann sìos £1.71 gu £49.36.

'S e caoraich-mhaola a bu mhotha a chaidh a reic.

Thuirt Iain MacAonghais a bha a' reic aig an fhèill gun robh an luchd-ceannaich nas fhaiceallaiche am-bliadhna às dèidh nam prìsean àrda a phàigh iad an-uiridh.

"Bha mise a' bruidhinn ri fear a cheannaich 3,000 an-uiridh - cha do rinn mi sgillinn orra thuirt esan."

"Thuirt e nach robh e a' dol a phàigheadh daor air na h-uain am-bliadhna - chan urrainn dhomh call orra an ath-bhliadhna cuideachd thuirt e".

Roghnaich cuid de thuathanaich an cuid stuic a thoirt dhachaigh leotha seach nach robh na prìsean cho math 's a bha iad a' sùileachadh.

Fèill na Luirge

Bha prìsean airson uan boireann suas aig Fèill na Luirge Dimàirt - ach 's ann a thàinig lùghdachadh air prìs nan uan fireann.

Chaidh mu 14,000 uan a reic aig an fhèill sin.