Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Glaschu

Tha còrr air 70 smàladair air a bhith a' dèiligeadh ri teine mòr aig stòr ann an Glaschu. Chaidh sgiobannan a ghairm gu margaid mheasan Bhaile a' Chàirn ro 04:00m an-diugh. Chaidh an luchd-obrach gu lèir a thoirt air falbh bhon làraich. Chan eil dùil gun deach duine a ghoirteachadh.

Jo Swinson

Tha an SNP ag ràdh gu bheil ceistean mòra gan togail mu dheidhinn mar a chaidh Leas-Cheannard nan Lib-Deamach a thaghadh ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear anns an taghadh am-bliadhna. Thog am pàrtaidh draghan às dèidh dhaibh cosgaisean Jo Swinson fhaicinn, 's iad ag ràdh gu bheil na mìltean Notaichean a dhìth anns na h-àireamhan oifigeil. Tha iad ag ràdh gun bheil faisg air £3,000 mu choinneimh bhileagan nach deach a sgaoileadh, agus gu bheil timcheall air £4,000 air a mheas mar chosgais nàiseanta. Tha na Lib-Deamaich ag ràdh gun deach a h-uile càil a dhèanamh gu ceart.

Cnoc Soilleir

Gheall Riaghaltas na h-Alba £1m don phròiseact gus ionad cultarail a stèidheachadh an Uibhist a Deas. 'S e a' bhuidheann-ealain Ceòlas a th' air cùlaibh na pròiseict, air a bheil Cnoc Soilleir, ann an co-bhann le Colaiste a' Chaisteil. Tha dùil gun cruthaich a' phròiseict, a chosgas £7m, timcheall air 40 cosnadh. Chaidh an t-airgead ainmeachadh leis an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, 's e air chuairt ann an Uibhist.

Fracadh

Chan obraich fracadh airson gas am Breatainn a rèir rannsachaidh a chaidh a dhèanamh aig Oilthigh Herriot Watt an Dùn Èideann. Tha an t-Oll. John Underhill, ag ràdh nach eil creagan Bhreatainn freagarrach. Chan eil Riaghaltas na h-Alba air a thighinn gu co-dhùnadh fhathast an tèid a leigeil air adhart anns an dùthaich seo.

Bhìosathan Eòrpach

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil Riaghaltas Bhreatainn airson leigeil le daoine air Tìr-Mòr na Roinn Eòrpa a thighinn dhan dùthaich seo às aonais bhìosa. Cha bhiodh cead a dhìth, ach nam biodh iad airson fuireach no obrachadh an seo, no airson foghlaim a thoirt a-mach.

Ionad Fiosrachaidh Phoileas

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, gur e briseadh dùil a th' ann gu bheil e a' coimhead coltach ris gum bris Poilis na h-Alba gealltanas airson ionad fiosrachaidh a stèidheachadh an Inbhir Nis. Tha plana ann a-nis airson dà ionad fiosrachaidh a stèidheachadh, an Inbhir Nis, agus Baile a' Ghobhainn, seach aonan. Thuirt Mairead NicDhàibhidh nach b' e sin idir a chaidh a ghealltainn an toiseach.