Riochdairean Flybe ann an Steòrnabhagh

  • 17 An Lùnasdal 2017

Bha riochdairean Flybe ann an Steòrnabhagh Diciadain 's iad a' moladh na seirbheis ùire a tha iad a' tòiseachadh eadar Steòrnabhagh agus Glaschu aig toiseach na h-ath-mhios.

Bidh iad a' farpais ri Loganair air an t-slighe.

Dhearbh a' chompanaidh phlèanaichean British Airways an t-seachdain seo gum bi iad fhèin agus Loganair a' co-obrachadh le tiocaidean airson cothrom a thoirt do mhuinntir na Gàidhealtachd 's nan Eilean faighinn air seirbheisean BA air feadh an t-saoghail.

Bha ceist ann dè thachradh dha na ceanglaichean a bha eadar Loganair agus BA nuair a dheadh Loganair a-mach air an ceann fhèin.

Ach thuirt Vincent Hodder bho Flybe gum faod iad-san seirbheis a cheart cho goireasach a thoirt dhan luchd-cleachdaidh aca.

'S e Eastern Airways a bhios a' toirt seachad na seirbheis fo bhratach Flybe.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile