Cnoc Soilleir a' faighinn taic

  • 17 An Lùnasdal 2017
Làrach an ionaid
Image caption Tha duil gun cruthaich am pròiseact mu 40 cosnadh

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba taic de £1m dhan phròiseact gus ionad cultarail a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas.

Thàinig fios mun airgead ann am paipear Riaghaltais aig deireadh 2016, ach thuirt labhraiche gun robhas ga dhearbhadh gu h-oifigeil Diardaoin.

'S e a' bhuidheann-ealain Ceòlas a th' air cùl a' phròiseict, air a bheil Cnoc Soilleir, ann an co-bhonn le Colaiste a' Chaisteil.

Tha dùil gun cruthaich am pròiseact, a chosgas £7m, mu 40 cosnadh.

Chaidh an t-airgead ainmeachadh leis an Leas-Phrìomh Mhinistear Iain Swinney 's e air chuairt ann an Uibhist.

Thuirt e gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt cudromach de dh'fhèin-aithne na h-Alba agus gur ann a chuireas an t-ionad seo gu mòr ri cleachdadh a' chànain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile