Binn phrìosain 'son ionnsaigh air nigheannan

  • 17 An Lùnasdal 2017
Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis
Image caption Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir gun robh Maurice MacLeòid air òrdugh urrais a bhriseadh

Chaidh binn phrìosain air fireannach às a' Ghàidhealtachd a thug ionnsaighean drabasta air dithis nigheanan thairis air cha mhor dà bhliadhna.

Chaidh Maurice MacLeòid, 45, fhaighinn cionntach le diùraidh air a' mhìos sa chaidh air ceithir casaidean drabastachd eadar An Gearran 2009 is an Dùbhlachd 2010.

Bha MacLeòid cuideachd air òrdugh urrais a bhriseadh a thug casg air a bhith an cuideachd nigheannan fo aois 16 bliadhna.

Thuirt an Siorram Gòrdan Fleetwood gun robh MacLeòid air ionnsaigh a thoirt air na h-ighnean 'son "miann claonte na feòla aige a shàsachadh"

Rinn Poileis Alba moladh mòr air cho treun sa bha na h-ighnean tighinn adhart gus innse mu na h-eucoirean.

Deuchainnean

Thuirt an Siorram: "Chaidh do dhìteadh le diùraidh a stèidhich an co-dhùnadh aca air fianais earbsach.

"Chan eil mi a' faicinn roghainn eile ach binn phrìosain.

Thuirt an Det. Con. Karen Oliver, bho bhuidheann dìon a' phobaill aig Poileis Alba: "Tha cùisean far a bheil eucoirean drabasta an aghaidh cloinne daonnan gu math deuchainneach.

"Bu mhath leam taing a thoirt dhan dithis a dh'fhulaing 'son cho treun sa bha iad tighinn air adhart tron chùis lagh.

"Tha mi an dòchas gun urrainn dhaibh beagan cofhurtachd fhaighinn bhon dìteadh agus binn na cùirte air Maurice MacLeòid an-diugh.