£100,000 do ghoireasan Sgitheanach

  • 17 An Lùnasdal 2017
Glumagan nan Sìthichean Image copyright Getty Images
Image caption Tha Glumagan nan Sìthichean am measg nan làraichean as motha air a bheil fèill le luchd-turais anns an Eilean Sgitheanach.

Thèid £100,000 a thoirt do phlanaichean gus leasachadh a dhèanamh air Glumagan nan Sìthichean anns an Eilean Sgitheanach.

Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd airgead ris a' phròiseact gus an t-àite a dhèanamh nas freagarraiche do luchd-turais.

Tha gearainnean air a bhith ann mu ghainnead àiteachan-parcaidh, rathaidean mì-fhreagarrach agus gainnead thaighean-beaga.

Tha dòchas ann gum faodadh an t-airgead cuideachadh a thoirt do chomann talla na coimhearsnachd san sgìre gus tuilleach ionmhais a thàladh bhon sgeama taic LEADER.

Tha Glumagan nan Sìthichean am measg nan làraichean as motha air a bheil fèill le luchd-turais anns an Eilean Sgitheanach.