Am Baile Ùr is Caol Bhòid an Cupa MhicAmhlaidh

  • 18 An Lùnasdal 2017
Pàirc Mossfield Image copyright M J Richardson / Geograph
Image caption Bidh cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh aig Pàirc Mossfield san Òban.

Coinnichidh Baile Ùr an t-Slèibh is Caol Bhòid uair eile Disathairne is iad gus farpais airson Chupa MhicAmhlaidh.

'S e seo an cupa a tha an còmhnaidh a' toirt ri chèile aon sgioba à tuath is aon à deas.

Am-bliadhna, 's iad cuideachd na sgiobaidhean a bhuannaich na cupan sgìreil aca, is am Baile Ùr air Cupa MhicThàmhais a thogail is Caol Bhòid air grèim a chumail air Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu.

Tha Caol Bhòid cuideachd aig mullach na Prìomh Lìge is chan eil iad ach air 2 gheama a chall fad na bliadhna.

'S ann an aghaidh a' Bhaile Ùir a bha an 2 gheama sin, ge-tà, sgioba Bhàideanach a' buannachadh 4-1 is 3-1 taobh a-staigh seachdain san Iuchar ann an Cupa na Camanachd is sa Phrìomh Lìog.

Tadhail

Tha e coltach gu bheil sgioba Thaigh na Bruaich air faighinn seachad air sin is iad air 12 tadhal a chur seachad air Loch Abar is Gleann Urchadain sa chola-deug mu dheireadh.

Bidh iad cuideachd air am misneachadh gu bheil Ruairidh Dòmhnallach, Grant Irvine is Dunky Kerr uile air a bhith am measg nan tadhal.

Tha fios, ge-tà, gum bi ceist nan inntinn mu na geamaichean a chaill iad mar-thà an aghaidh a' Bhaile Ùir.

Bheir sin cuideachd dòchas dhan Bhaile Ùr.

'S e seusan car measgaichte a bh' aca thuige seo an taca ris na bliadhnaichean mu dheireadh.

Gu dearbh, dh'fhaodar a ràdh gun do shàbhail na geamaichean sin seusan a' Bhaile Ùir leis an cumail ann an Cupa na Camanachd agus san rèis 'son na Prìomh Lìge.

Ceistean

Ach ged a tha cothrom aca fhathast na farpaisean air fad a bhuannachadh, chan eil iad fhathast air na ceistean air fad mun deidhinn a fhreagairt.

Chaill iad puing eile an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich bho chionn cola-deug, is bha iad 0-2 air deireadh an aghaidh GMA aig an taigh an t-seachdain seo chaidh mus do dhùisg iad, 2 tadhal anns na mionaidean mu dheireadh a' dèanamh a' ghnothaich dhaibh 4-2 air a' cheann thall.

Geama inntinneach san amharc aig Pairce Mossfield Disathairne aig 2.00f.

Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram a' tòiseachadh aig 1.30f.

Bidh e cuideachd ri fhaicinn air an tbh air BBC 2 Scotland bho 1.45f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile