Obair air seach-rathad an t-Sròim

  • 17 An Lùnasdal 2017
Seach-rathad an Sròim Image copyright Ingrid Deschryver
Image caption Tha maoimtean-slèibhe air an rathad a dhùnadh grunn thursan.

Dh'fhaodadh gum bi seach-rathad an Sròim air taobh siar Rois dùinte fad grunn sheachdainnean as t-Earrach seo tighinn.

Dh'innis fear de dh'oifigearan Chomhairle na Gàidhealtachd gum feum pàirt den chreig ri taobh an rathad mhòir a bhith air a dhèanamh seasmhach.

Tha iad an dòchas cead iarraidh bho Network Rail agus eile gus nach fheum iad an rathad a dhùnadh, ach chan eil dearbhadh aca air a sin fhathast.

Aig a' cheart àm, dhearbh Network Rail dhan Chomhairle nach gabh tramaichean a chur air an rèile - mar a dh'iarradh iad anns an ùine fhada.

Fuasgladh maireannach

Tha Donnchadh Fearghasdan a tha a' fuireach anns an Achadh Mhòr ag ràdh gu bheil thìde ann fuasgladh maireannach a lorg.

"Tha fhios againn gur e pròiseact air leth mòr a tha seo, pròiseact air leth cosgail - tha sinn a' bruidhinn air £100,000,000 aig a' char as ìsle airson dèiligeadh ri seo ach tha sinn feumach air co-dhùnadh."

"Tha muinntir an àite a' fàs mì-fhoighidneach mun cuairt air seo - tha sinn air a bhith a' bruidhinn air an seo airson faisg air fichead bliadhna agus chan eil sinn a' faicinn adhartais."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile