Clasaichean Gàidhlig do chleasaichean

  • 16 An Lùnasdal 2017
Laoich Bhaile a' Chaolais.
Image caption Laoich Bhaile a' Chaolais.

"Chan eil a' Ghàidhlig cho duilich ma tha thu eòlach oirre".

Sin a rèir ro-shealladh 'son fiolm ùr 'The Darkest Hour', is bidh na cleasaichean an dòchas gu bheil e ceart, oir tha aca ri beagan den chànan ionnsachadh.

Bidh daoine eòlach air an sgeulachd air a bheil am fiolm gu ìre stèidhichte, an triùir laoich às Earra Ghàidheal a theich bho na Natsaich san dàrna chogadh le a bhith a' bruidhinn Gàidhlig riutha.

'S ann à Baile a' Chaolais a bha Uilleam Kemp, Sandaidh Dòmhnallach is Seumas 'Ginger' MacUilleim.

Chaidh na saighdearan a chur an grèim goirid às dèidh dha na rèiseamaid aca gèilleadh ris na Natsaich ann an 1940.

Cleas

Nuair a chaidh an ceasnachadh, fhreagair na balaich sa Ghàidhlig a-mhàin, is dh'innis iad gur ann às Àird nam Murchan a bha iad.

Air a' cheann thall tha e coltach gun do dh'fhàs na Gearmailtich sgìth den chùis is chaidh na h-Albannaich a shaoradh.

Rinn iad an slighe dhachaigh far an robh fèill mhòr air an sgeulachd.

Tha bunait na sgeòil a-nise gus nochdadh air an sgrion mhòr anns 'The Darkest Hour', ged nach e buileach sgeulachd nam balach fhèin a bhios ann.

Mar a tha iomchaidh, nochdaidh an cànan a chuir na Natsaich droll air ais ann an 1940 san fhiolm cuideachd.

Leasanan

Chan eil Gàidhlig sam bith aig na cleasaichean ge-tà, gun luaidh air Gàidhlig bhreagha Bhaile a' Chaolais, is 's e sin a tha a' fàgail gu bheil Àdhamh Ó Broin ag obair air an fhiolm.

Tha Adhamh, a thogadh ann an Earra-Ghàidheal, eòlach gu leòr air an obair seo is e air cleasaichean Outlander a chuideachadh leis a' Ghàidhlig roimhe.

"Leis mar a dh'uisnich iad an cànan, sin agad bun-stèidh na tha a' dol san dealbh a tha seo", thuirt Adhamh.

"Tha mi a' dol a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig Earra-Ghàidheal a Tuath do na daoine a bhios a' cluich nam prìomh charactaran.

"Bidh sin na thoileachas mòr bhon chan eil fhios agam an deach Gàidhlig Bhaile a' Chaolais a chur a-staigh gu fiolm sam bith aig uair sam bith", thuirt e.

Thathas an dùil gun nochd am fiolm ro dheireadh 2019.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile