Heileacoptair mhaor-cladaich Steòrnabhaigh nas trainge

  • 16 An Lùnasdal 2017
Heileacoptair nam maor-cladaich Image copyright David Buchanan
Image caption Bha heileacoptair Steòrnabhaigh nas trainge anns a' chairteal mu dheireadh

Thàinig àrdachadh 7% air an àireamh thursan a chaidh heileacoptair mhaor-cladaich Steòrnabhaigh a ghairm anns a' chairteal mu dheireadh - an taca ris an aon aon àm an-uiridh.

Chaidh an heileacoptair a ghairm a-mach 46 turas eadar an Giblean agus an Òg-mhìos.

B' ann airson suidheachaidhean air tìr a bha 67% dhen na gairmean sin.

Cha do fhreagair sgioba Inbhir Nis ach 58 gairm anns na trì mìosan sin - sìos 32% air an aon àm an-uirdh.

Tha ceithir criubhaichean stèidhichte ann an Alba agus rinn iad cobhair air còrr air 200 duine anns na trì mìosan sin.