Wi-Fi an-asgaidh ga sgaoileadh a-mach

  • 16 An Lùnasdal 2017
Fòn-laimhe Image copyright PA
Image caption Bidh Port Rìgh agus an Gearasdan a-measg na gheibh buannachd às an leudachadh

Thèid Wi-Fì poblach an-asgaidh a sgaoileadh a-mach gu 14 bailtean air feadh na Gàidhealtachd.

A-measg nam bailtean a gheibh buannachd às an sgeama bidh Alanais, an Aghaidh Mhòr, Dòrnach, an Gearasdan agus Port Rìgh.

Thathas cuideachd am beachd a leudachadh gu àitean eile air a' Ghàidhealtachd anns an àm ri teachd.

Tha Wi-Fi an-asgaidh, a th' air a mhaoineachadh le Aonta Baile Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd, ri fhaighinn an-drasta ann am meadhan phrìomh bhaile na Gàidhealtachd, 's obair ga dèanamh an-dràsta airson an sgìre far am faighear e a leudachadh.

Tha dùil gu bheil eadar 300 agus 500 duine ga chur gu feum gach là.

Tòisichidh an leudachadh anns an Dàmhair, agus bheir e grunn mhìosan am pròiseact a thoirt gu buil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile