Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich

  • 16 An Lùnasdal 2017
Ian Rankin
Image caption Bidh Iain Rankin, a chruthaich an caractar ainmeil DI Rebus, a-measg na nochdas aig fèis na bliadhna-sa

Thathas a' gealltainn gum bi àite mòr aig a' Ghàidhlig aig Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich am bliadhna.

A-mach às na 18 sgrìobhaidairean a bhios ann am bliadhna bidh ochdnar a' dèanamh co-dhiù pàirt den na nì iad anns a' Ghàidhlig.

Nam measg bidh Dòmhnall S. Moireach, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Caoimhin MacNèill, Maoilios Caimbeul agus am bàrd Èireannach Diarmuid Johnson.

Cluinnear cuideachd am bliadhna bho Ian Rankin agus Graeme MacRae Burnet.

Thuirt Cathraiche na Fèise, Dòmhnall Dòmhnallach, gun robh iad air leth toilichte gum biodh a' Ghàidhlig cho follaiseach am bliadhna.

Bidh an fhèis a' ruith eadar an 31mh là dhen Lùnastal agus an 2na là dhen t-Sultain leis a' mhòr-chuid den na tachartasan ann an ionad Àros ann am Port Rìgh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile