Strì ùr an fhearainn

  • 16 An Lùnasdal 2017
Talamh
Image caption Tha Riaghaltas an SNP ag amas air millean acair talmhainn a bhith ann an làmhan an t-sluaigh ann an Alba ro 2020.

Tha 41 buidheann choimhearsnachd anns na h-Eileanan Siar air sealbh a ghabhail air an fhearann aca fhèin.

Tha Riaghaltas an SNP ag amas air millean acair talmhainn a bhith ann an làmhan an t-sluaigh ann an Alba ro 2020.

Thuirt Ball nan Eilean Siar ann an Holyrood, Alasdair Allan, gu bheil coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar air an talamh aca fhèin a cheannach, le cuid dhiubh, leithid muinntir na Pàirce ann an Leòdhas, a' strì fad bhliadhnaichean airson sin a thoirt gu buil.

Thuirt e, leis gu bheilear a' tomhais gun tig lùghdachadh 14% air sluagh nan Eilean Siar ro 2039, gu bheil an gluasad seo cudromach airson daoine a chumail anns na h-Eileanan, agus airson tuilleadh chothroman a chruthachadh dhaibh.

Sheall na figearan bho Ionad Fiosrachaidh na Pàrlamaid Albannaich gun robh 124 buidheann ann an sgìre na Gàidhealtachd air smachd a ghabhail air an cuid fearainn, agus 77 ann an Earra-Ghàidheal 's Bòd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile