Athchuinge mu Phàirce Fiadh-bheatha an Eilein Duibh

  • 16 An Lùnasdal 2017

Tha athchuinge a tha a' moladh gun deadh Pàirce Fiadh-bheatha an Eilein Duibh a dhùnadh air a dhol gu Comhairle na Gàidhealtachd agus chun an SSPCA.

Chaidh cead sù na pàirce a tharraing an-uiridh 's dragh ann mu mar a bhathas a' coimhead às dèidh nam beathaichean, ged a chaidh leigeil leatha fuireach fosgailte mar phàirce-pheataichean.

Chaidh an athchuinge ùr, ris an do chuir 125,000 duine ainm, a thòiseachadh le dithis a bha ag obair ann gu saor-thoileach, 's iad a' dèanamh dheth gun robh na bheathaichean a' fulaing.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach sgrùdadh a dhèanamh air a' phàirce, ach nach d' fhuair lìghichean sprèidh neo an SSPCA fianais gun robh na beathaichean a fulaing gu ìre mhòir sam bith.

Thuirt iad gun leanadh iad orra a' cumail sùil air a' phàirce.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile