Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Dh'èirich àireamh a' chion-chosnaidh an Alba beagan, ged a thuit e air feadh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir. Bha trì mìle a bharrachd gun obair an Alba eadar an Giblean agus an t-Ògmhios, a' toirt na h-àireimh gu lèir gu 107,000. Bha an àireamh air feadh na rìoghachd sìos 57,000 gu beagan nas lugha na millean gu leth, agus aig 4.4% sin an ìre as lugha bho 1975.

Brexit

Tha an Riaghaltas a' foillseachadh plana an-diugh airson crìoch gun chasg eadar Èirinn a Tuath agus Poblachd na h-Èireann, gus an lean saorsa airson siubhail agus malairt an dèidh Bhrexit. Tha feadhainn a tha teagmhach mu Bhrexit ag ràdh nach eil fiosrachadh mionaideach ann mu ciamar a thèid a' chrìoch fhosgailte a chumail.

Dòmhnall Trump

Tha àrd-Phoblachdaich am measg na tha a' càineadh a' Chinn-Suidhe Trump, airson tilleadh dhan bheachd gun robh coire aig an dà thaobh ris an àimhreit ann am Virginia eadar buidhnean na fìor-làimhe deise agus feadhainn a tha ag iomairt an aghaidh gràin cinnidh. Chaidh boireannach a mharbhadh ann an Charlottesville air an deireadh-sheachdain nuair a bhuail càr ann an sluagh a bha a' caismeachd an aghaidh na làimhe-deise.

Sierra Leone

Chaidh tòiseachadh air tiodhlacadh nam marbh ann an Sierra Leone, an dèidh sgrios nan tuiltean agus maoim-slèibhe. Chaill còrr is 400 duine am beatha, agus tha còrr is 600 fhathast a dhìth.

Comhairle na Gàidhealtachd

Bidh Comhairle na Gàidhealtachd a' deasbad an-diugh dè an t-suim airgid a bhios iad ag iarraidh bho chompanaidhean a tha a' togail thaighean airson a chosg air gnothaichean mar sgoiltean. Chan eil a' Chomhairle an-dràsta ag iarraidh ach mu £2,000 mu choinneimh gach taighe - suim gu math nas lugha na tha ùghdarrasan ionadail eile. Tha dùil gun cuir iad sin suas gu mu £6,000, agus iad an dòchas faochadh a dhèanamh do thrioblaid sgoiltean Inbhir Nis a tha ro làn.

Tubaist Rathaid

Chaidh boireannach a thoirt gu Ospadal Oilthighe na Bàn-Righinn Ealasaid ann an Glaschu an dèidh tubaist rathaid anns an Iochdar ann an Uibhist a Deas an-raoir. Chaidh fios air na seirbheisean èiginn mu 6:30f agus chaidh am boireannach a thoirt gu Ospadal Uibhist is Bharraigh an toiseach, mus deach a cur a Ghlaschu.

Earra-Ghàidheal

Tha dragh air luchd-gnothaich mun phlana airson an rathad eadar Baile a' Chaolais agus an t-Òban a dhùnadh airson deich là air an ath-mhìos. Bidh an rathad dùinte gu lèir ann an dà àite eadar 08:00m agus 7:00f dhan a h-uile trafaig ach dha na seirbheisean èiginn, seirbheis nam busaichean agus do mhuinntir an àite.