Coinneamh croitearachd an Geàrrloch

  • 16 An Lùnasdal 2017
Croitean Image copyright Getty Images

Thèid coinneamh phoblach a chumail Dimàirt ann an Geàrrloch gus cothrom a thoirt do chroitearan togail air na diofar chuspairean a tha a' cur dragh orra.

Bidh panal de shianar ann - àrd-oifigear bho Riaghaltas na h-Alba nam measg.

Bidh cuideachd riochdaire bho Chaidreachas Croitearachd na h-Alba, agus bho Choimisean na Croitearachd an làthair.

'S e Colaiste Àiteachais na h-Alba a tha a' cur na coinneimh air dòigh.

Tha coinneamh phoblach eile den aon sheòrsa san amharc anns an Òban.

Thuirt Ricky Marwick bho Cholaiste Àiteachais na h-Alba, a bhios air a' phanal, gur e àm a tha seo far a bheil tòrr atharrachaidhean a' tachairt, eadar laghan, poileasaidh agus teicneòlas.

Thuirt e, do ghnìomhachasan beaga, gu bheil e uaireannan gu math duilich cumail suas leis an fhiosrachadh, gus gu bheil cothroman leithid na coinneimh seo gu math cudromach do chroitearan.