Comhairliche air leisgeul a thabhann

  • 16 An Lùnasdal 2017
Comhairle nan Eilean Siar

Dh'iarr comhairliche anns na h-Eileanan an Iar air daoine a leisgeul a ghabhail is fiachan cìs comhairle còrr air £14,000 air.

Chaidh Iain Eardsaidh MacNèill a thaghadh sa Chèitean airson sgìre Bharraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh agus Uibhist a Deas.

Thàinig an gnothach am bàrr ann an rannsachadh a rinn am BBC tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Fhuair iad fiosrachadh air ais bhon a h-uile comhairle ann an Alba, ach a-mhàin Comhairle nan Eilean Siar.

Dhearbh a' Chomhairle Dimàirt gu bheil fiachan cìs comhairle de £14,446 air fear de na comhairlichean aca 'son dà thaigh a bhuineas dha.

Ann am brath-naidheachd Diciadain, dhearbh Mgr. MacNèill gur e a th' ann is thuirt e gun robh e fìor dhuilich.

Dh'iarr e air muinntir na sgìre taghaidh aige, comhairlichean eile, is muinntir nan Eilean Siar gu lèir a leisgeul a ghabhail.

Thuirt e gun robh suidheachaidhean ann thar grunn bhliadhnaichean a bha glè dhoirbh dha fhèin agus dha theaghlach a chuir ris an t-suidheachadh, ach gun robh e a' tuigsinn nach b' e leisgeul a bha sin.

Gheall e gum pàigheadh e na fiachan air fad is gu bheil aonta ann airgead a thoirt às an tuarastal aige leis a' Chomhairle.

Fhuair rannsachadh a' BhBC gu bheil fiachan cìs comhairle air 32 comhairliche ann an Alba, luach còrr air £140,000 uile gu lèir.

'S e na fiachan a th' air Iain Eardsaidh MacNèill an suim as motha aig aon chomhairliche a nochd san rannsachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile