Earrainnean ICT air an reic

  • 16 An Lùnasdal 2017
Pàirce Chaley Image copyright SNS

Dh'innis Hospice na Gàidhealtachd gu bheil iad air còrr is 500,000 earrann ann an Caley Thistle a reic ri luchd-gnothaich san sgìre.

Cuiridh iadsan a-nise tagraichean ùra air adhart 'son àite air bòrd a' chluba is coltas ann gu bheil dùil crathadh a thoirt air stiùireadh ICT.

Chaidh 19% de earrainnean a' chluba - luach nan ceudan mhìltean Notaichean - a thoirt dhan hospice an-uiridh le neach a bha airson an t-ainm aca a chumail prìobhaideach.

Thuirt an hospice aig an àm nach robh ùidh aca ann a bhith a' dol an sàs ann an stiùireadh Chaley Thistle, ach chuir iad fàilte air a' chothrom airgead a thogail.

Tha iad a-nise air dearbhadh gun do reic iad na h-earrannan ri Ailean Savage, Dùgaidh MacGhillebhràth, is a mhac-san Iain MacGhillebhràth

Tha iad le chèile air trian de na h-earrainnean a cheannach.

Cliù

Bha Dùgaidh MacGhillebhràth is Ailean Savage uair ann an dreuchd a' chathraiche aig ICT.

"Tha sinn air ar dòigh Hospice na Gàidhealtachd a chuideachadh", thuirt Mgr MacGhillebhràth

"Tha sinn gu làidir den bheachd gum feum ICT gluasad air adhart air agus far na pàirce agus gum bi àite mòr aca sa choimhearsnachd.

"Tha sinn airson is gum bi an cluba air a riaghladh ceart is gum bi fios aig luchd-leantainn is luchd-earrainnean dè tha a' dol aig a' chluba, is guth aca mun t-slighe air adhart.

"Aig an ath AGM tha sinn airson dithis thagraichean a chur air adhart airson a dhol air a' bhòrd

"Tha sinn airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a bha agus a tha air a' bhòrd 'son na rinn iad, is tha sinn an dòchas gun toir muinntir agus luchd-gnothaich Inbhir Nis làn-thaic ann a bhith a' gluasad a' chluba air adhart", thuirt e.

Thuirt Hospice na Gàidhealtachd gu bheil iad air an dòigh is gun cleachd iad an t-airgead a fhuair iad 'son na seirbheisean aca a leasachadh air feadh na Gàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile