Tubaist rathaid san Ìochdar

  • 16 An Lùnasdal 2017
Tubaist rathaid

Chaidh boireannach a thoirt dhan ospadal ann an Glaschu às dèidh tubaist rathaid san Ìochdar oidhche Mhàirt.

Thachair an tubaist mu 19:00 air an A865 ann an sgìre na h-Àirde Mòire.

Chaidh carbad eiridinn gu làrach na tubaist is chaidh boireannach, 36, a thoirt a dh'Ospadal Uibhist is Bharraigh.

Timcheall air meadhan-oidhche, chaidh am boireannach a thoirt, le heileacoptair, gu Ospadal Oilthigh na Bànrigh Ealasaid ann an Glaschu.

Thuirt na poilis gun deach am boireannach a ghoirteachadh gu dona, ach nach eil i ann an cunnart a beatha.

Dh'innis iad cuideachd gun robh aona chàr san tubaist is gur e Hyundai i30 liath a bh' ann.

Chaidh a thoirt air falbh is dh'fhosgail an rathad a-rithist aig 22:50.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile