Rabhadh às dèidh mèirle sna h-eileanan

  • 16 An Lùnasdal 2017

Tha na poileis anns na h-Eileanan an Iar air rabhadh a thoirt seachad às dèidh sreath de dh'eucoirean mi-onaireach sna seachdainean mu dheireadh.

Tha oifigearan a' rannsachadh mèirle agus oidhirpean gus airgead a ghòid bho bhocsaichean onaireachd.

Thachair seo ann an sgìrean dùchail anns na Hearadh agus ann an Uibhist a Deas eadar Diardaoin 20mh den Iuchar agus Didòmhnaich 13mh den Lùnastal.

Chaidh fios a chur air na poileis mu chòig tachartas agus tha iad ag ràdh gu bheil oifigearan ag obair gus dèiligeadh le eucoirean mì-onaireach anns a' choimhearsnachd.

Thuirt an Conastabal Ross Mason: "Tha na tachartasan seo nam briseadh dùil agus dh'iarrainn-sa air duine sam bith aig a bheil bocsa onaireachd a-muigh ceumanan a ghabhal gus mèirlich a chur dheth.

"a leithid, na bocsaichean fhalamhachadh gu trice.

Tha na poileis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fios mu na thachair brath a chur thuca air 101 neo gu Crimestoppers air 08000 555 111.