Drogaichean luach £16,500 air an A9

  • 16 An Lùnasdal 2017

Chaidh drogaichean luach £16,500 a ghlacadh le Poileas Alba air an A9 faisg air Inbhir Nis

Fhuair oifigearan lorg air na drogaichean Clas A agus Clas B às dèidh dhaibh stad a chur air càr faisg air Deimhidh.

Thachair seo Dimàirt, 's na poileis ag ràdh gun deach cocain agus cainb luach mu £16,500 còmhla a lorg.

Chaidh fireannach, 43 bliadhna a dh'aois, a chur an greim 's dùil gun nochd e ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis.

Thuirt an Det. Insp. Peadar MacCoinnich: "Tha sin ag obair gu cruaidh gus dèiligeadh le drogaichean anns a' choimhearsnachd againn.

"Tha sinn airson taing a thoirt dhan phoball 'son taic a thoirt dhuinn, agus tha sinn a' cruinneachadh fiosrachaidh san iomairt againn an aghaidh dhrogaichean mì-laghail.