Càineadh air planaichean an A828

  • 17 An Lùnasdal 2017
Soidhne rathaid
Image caption Tha luchd-gnothachais air dragh a thogail mu bhuaidh na h-obrach.

Tha am BPA Mìcheal Ruiseal a' càineadh phlanaichean airson earrainnean den rathad eadar Baile a' Chaolais agus an t-Òban a dhùnadh an ath-mhìos.

Dhearbh buidheann-càraidh nan rathaidean, BEAR, gun tèid an obair a dhèanamh ann an dà earrainn is gum bi an rathad dùinte eadar 08:00m agus 7:00f.

Bidh a' chiad phàirt ann eadar Baile a' Chaolais agus an Apainn bhon 11mh chun an 13mh den t-Sultain.

'S ann eadar an Leadaig agus cearcall-rathaid Chreagan a Tuath a bhios an dàrna earrann, eadar an 19mh agus an 27mh den t-Sultain, ged a bhios e fosgailte Disathairne is Didòmhnaich.

Thèid leigeil le carbadan eiridinn agus busaichean a dhol troimhe, cuide ri daoine a tha a' fuireach san sgìre ma tha e comasach sin a dhèanamh.

Thuirt Mgr Ruiseal gu bheil am plana airson an rathad a dhùnadh cha mhòr uile gu lèir "gorach" agus thuirt e gu bheil e air fios a chur gu Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, ag ràdh gum feumar sùil eile a thoirt air a' chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile