Barrachd airgid ga iarraidh bho luchd-leasachaidh

  • 16 An Lùnasdal 2017
Taighean

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh barrachd airgid iarraidh bho luchd-leasachaidh airson a chosg air sgoiltean na sgìre.

Bho seo a-mach bidh aca ri £6,983 a thoirt seachad airson foghlam bun-sgoile is £3,449 airson foghlam àrd-sgoile mu choinneimh gach taigh a tha iad a' togail.

Thàinig e am barr bho chionn ghoirid gu robh na bhathas ag iarraidh bho luchd-leasachaidh ann an sgìre na Gàidhealtachd tòrr na ìsle na bhathas a' faighinn ann an sgìrean comhairle eile.

Tha seo a' tighinn aig àm nuair a tha grunn sgoiltean ann an Inbhir Nis cha mhòr làn.

Dh'fhaodadh airgead a bharrachd bho luchd-leasachaidh a chleachdadh air sgoiltean a leudachadh no a chur a dh'ionnsaigh sgoiltean ùra a thogail.

Aig a' cheart àm, dh'aontaich comhairlichean ann am Moreibh Dimàirt casg de £6,000 a chur air an t-suim a tha luchd-leasachaidh a' pàigheadh.

Thuige seo, bha aig cuid de luchd-leasachaidh ann am Moireibh suim cho àrd ri £14,000 a phàigheadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile