Luchd-snàimh air Lèodhas a ruighinn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Triùir air snàmh bhon na h-Eileanan Flannach gu Leòdhas

15 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig triùir slàn sàbhailte às a' mhuir a-raoir an deidh dhaibh snàmh eadar na h-Eileanan Flannach 's Leòdhas.

Shnàmh Stiùbhart Baird, Cailean S. MacLeòid agus Ed Mac a' Ghobhainn aona mhìle fichead a thogail airgead dhan RNLI.

Bha cùisean duilich dhaibh aig amanan, ach rinn iad a' chìis agus tha iad a-nis a' beachdachadh dè an ath-rud air am feuch iad.

Seo Aonghas Dòmhnallach.