Prìsean measgaichte aig Fèill na Luirge

  • 15 An Lùnasdal 2017
Rup

Bha na prìsean airson uain bhoireann suas air an-uiridh aig an fhèill uain aon là as motha anns an Roinn Eòrpa.

Fhuair Joyce Chaimbeul à Armadal ann an Dùthaich MhicAoidh a' phrìs a b' àirde airson uan boireann aig Fèill na Luirge - £160.

Anns a' chumantas ràinig uain bhoireann £76.52 - suas £5.73 air a' bhliadhna an-uiridh.

Bha na prìsean airson uain fhireann sìos am bliadhna.

B'e £51.06 a' phrìs choitcheann airson uain fhireann - sìos £3.37 air a' bhliadhna an-uiridh.

Thuirt Dàibhidh Leggat bho United Auctions gu bheil na h-uain ann an deagh stait.

Dh'innis Mgr Leggat gun robh fèill mhòr air a' chaora mhaol am-bliadhna 's gun robh luchd-ceannach ùr à Sussex aig an fhèill.

Chaidh mu 14,000 uan a reic uile gu lèir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo