Figearan ùra air bàs bho dhrogaichean

  • 15 An Lùnasdal 2017
Stuth dhrugaichean Image copyright Science Photo Library

Chaochail 30 duine ann an sgìrean Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an-uiridh an dèidh cus dhrogaichean a ghabhail.

Bha sin sìos beagan bho 36 ann an 2015.

Sheall na figearan bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba gun do chaochail 19 duine ri linn dhrogaichean ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd ann an 2016.

Bhàsaich aon neach anns na h-Eileanan an Iar.

Chaochail 10 duine ann an Earra-Ghaidheal is Bòd is b' e sin an àireamh a bu mhotha a bh' ann a rèir àireamh an t-sluaigh.

Air feadh na h-Alba, bhàsaich 867 duine uile gu lèir an dèidh cus dhrogaichean a ghabhail.

Bha sin suas 23% air an àireamh as motha a bh' ann ron sin, 706, ann an 2015.

Tha feadhainn ag ràdh gu bheil na figearan sin a' cur teagamh ann an ro-innleachd dhrogaichean Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Ministear na Slàinte Poblaich, Aileen Chaimbeul, gu bheil na figearan ann an Alba a rèir nam figearan a tha air feadh na Rìoghachd Aonaichte.