Co-chomhairle air Àrd-sgoil Ghàidhlig an Dùn Èideann

  • 15 An Lùnasdal 2017
Bhun-sgoil Taobh na Pàirce

Tha àrd-sgoil Ghàidhlig am measg nam molaidhean ris an coimhead Comhairle Bhaile Dhùn Èideann.

Dh'aontaich comataidh an fhoghlaim Dimàirt co-chomhairle neo fhoirmeil a chumail air thoiseach air pròiseas foirmeil.

Bha ùpraid ann mu àitichean do sgoillearan Ghàidhlig aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig an-uiridh.

Bidh sgoilearan bho Bhun-sgoil Taobh na Pàirce a' dol air adhairt gu Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig.

Thàinig aithisg bhon Chomhairle a dh'innis gun robh an sgoil ro làn, is gum feumadh cuid de na sgoilearan a chur gu Àrd-sgoil Tynecastle.

Air a' cheann thall, fhuair na sgoilearan air fad àite ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig.

Tha ceist a' leantainn, ge-tà, mu fhoghlam Ghàidhlig sa bhaile san àm ri teachd.

A reir na comhairle, feumar fuasgladh fhaighinn air a' chùis ro 2020.

Bidh co-chomhairle neo fhoirmeil ann a-nise le pàrantan is buidhnean Gàidhlig is dùil ri aithisg san Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile