Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drugaichean

Chaochail 867 duine ann an Alba an-uiridh an dèidh cus dhrugaichean a ghabhail. Tha sin suas còrr 's 20% air an àireamh as motha a bh' ann ron sin, 706, an-uiridh. Bha a' mhòr chuid den bhàs am measg dhaoine nas sinne na 35. Tha feadhainn ag ràdh gu bheil na figearan sin a' cur teagamh ann an ro-innleachd dhrugaichean Riaghaltas na h-Alba, ach thuirt Ministear na Slàinte Poblaich, Aileen Chaimbeul, gu bheil na figearan ann an Alba a rèir nam figearan a tha air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Brexit

Dhearbh Rùnaire Brexit, Dàibhidh Davis, gu bheil an Riaghaltas ag iarraidh còrdadh cusbainn eadar-amail an dèidh do Bhreatainn falbh às an EU, coltach ris an seòrsa aonta a th' ann an-dràsta. Tha iad den bheachd gun toir sin cothrom dhaibh air malairt a chur air bhonn le dùthchannan eile taobh a-muigh an EU mus tèid aonta maireannach a stèidheachadh. Chuir an Coimisean Eòrpach fàilte air sin, ach tha na Làbaraich agus na Lib Deamaich ag ràdh gu bheil laisge agus cion leirsinn anns na molaidhean.

Sierra Leone

Tha obair theasargainn mhòr ann am Freetown, prìomh bhaile Sierra Leone, far an do chaill còrr 's 300 duine am beatha ann an tuilltean agus maoim-slèibhe. Tha dragh ann gun deach mòran eile a thiodhlaigeadh fon pholl agus sgrios.

Faraidhean rèidhle

Thèid faraidhean rèidhle suas aig toiseach na h-ath bhliadhna, a rèir na h-atmhorachd. Tha na faraidean riaghailte stèidhichte air clàr-reic, an RPI, a dh'èirich gu 3.6% air a' mhìos seo chaidh.

Fiachan

Tha fiachan cìs comhairle air còrr 's 30 comhairliche ann an Alba. Tha rannsachadh a rinn am BBC ann an Alba ag ràdh gu bheil luach £126,000 de dh'fhiachan orra eadar iad. Thuirt na h-ùghdarrasan ionadail dham boin iad sin gu bheil iad air bruidhinn ris na comhairlichean agus air plana aontachadh airson na fiachan a phàigheadh mean air mhean.

Sgoil Ghàidhlig

Gheall Comhairle na Gàidhealtachd gum bruidhinn iad ri pàrantan agus ris a' choimhearsnachd mus dèan iad co-dhùnadh air làrach sgoil ùr Ghàidhlig ann an Inbhir Nis. Tha cuid de cheannardan na Comhairle ag iarraidh a togail air an aon làrach ri Acadamaidh Rìoghail a' bhaile, ach thuirt iad gum bi làn chonaltradh ann mus dèan iad dad.

Fèill

Tha a' chiad fhèill uan mhòr den Fhoghar anns an Luirg ann an Cataibh an-diugh. Tha sùil aig tuathanaich 's croitearan air an fhèill seo gus am faigh iad tuaimse air cò ris a bhios prìsean coltach am-bliadhna.