Snàmh bho na h-Eileanan Flannach gu Leòdhas
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Snàmh bho na h-Eileanan Flannach gu Leòdhas

15 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig triùir slàn sàbhailte as a' mhuir oidhche Luain an dèidh dhaibh snàmh eadar na h-Eileanan Flannach agus Leòdhas.

Shnàmh Stiùbhart Baird, Cailean S MacLeòid agus Ed Mac a' Ghobhainn 21 mhile airson airgead a thogail dhan RNLI.

Bha Anna Baird, bean Stiùbhairt, am measg na chuir fàilte orra nuair a thàinig iad air tìr ann an Ùig.