Fiachan cìs chomhairle air comhairlichean

  • 15 An Lùnasdal 2017
Airgead Image copyright PA

Tha fiachan cìs comhairle air 32 comhairliche ann an Alba, a rèir rannsachaidh ùir leis a' BhBC, fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Tha comhairliche às na h-Eileanan an Iar nam measg is fiachan còrr is £14,000 air.

Fhuair an rannsachadh fiosrachadh air ais bhon a h-uile comhairle ann an Alba, ach a-mhàin Comhairle nan Eilean Siar.

Tha a' Chomhairle a-nise ag ràdh gun do rinn iad sgrùdadh air dè na taighean air am bu chòir dha na comhairlichean aca cis comhairle a phàigheadh.

Dh'innis iad gun do chleachd iad an t-iarrtas bhon BhBC mar chothrom coimhead air an fhiosrachadh is mar a bheireadh e buaidh air cead chomhairlichean bhòtadh nuair a bhathar a' stèidheachadh buidseat an ùghdarrais.

Thuirt a' Chomhairle, ge-tà, gu bheil iad mothachail gun robh còir aca freagairt a thoirt seachad dha iarrtas a' BhBC.

Dhearbh iad gu bheil fiachan cìs comhairle de £14,446 air fear de na comhairlichean aca 'son dà thaigh.

'S ann an Glaschu as motha a tha fiachan air comhairlichean, agus £52,000 aig a' chomhairle air ochdnar bhall.

A thuilleadh air sin tha £3,000 de dh'fhiachan cìse comhairle eadar dìthis bhall air Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha sia sgìrean far a bheil fiachan air barrachd is aon chomhairliche.

Tha còd giùlain nan comhairlichean a' toirt iomradh air comhairlichean a bhith ann am fiachan cìse comhairle, fo bheil e an aghaidh an lagh gum bi comhairliche còrr is dà mhìos air dheireadh le cìs na comhairle.

Chan fhaod comhairliche a th' anns an t-suidheachadh sin a bhith a' bhòtadh air gnothaichean co-cheangailte ris a' chìs.

Thuirt na h-ùghdarrasan ionadail gun robh fios aca mu na fiachan agus gun robh na comhairlichean gam pàigheadh air ais.