Dùil ri maill air trafaig air an A828

  • 15 An Lùnasdal 2017
Soidhne rathaid
Image caption Thèid an obair a dhèanamh ann an dà earainn, leis a' chiad phàirt eadar Baile a' Chaolais agus an Apainn bhon 11mh chun an 13mh den t-Sultain.

Thèid earrainnean den A828 eadar Baile a' Chaolais agus an t-Òban a dhùnadh gu trafaig 'son còrr is 10 là air an ath-mhìos eadar 08:00m. agus 7:00f.

Thèid a dhèanamh ann an dà earainn, leis a' chiad phàirt eadar Baile a' Chaolais agus an Apainn bhon 11mh chun an 13mh den t-Sultain.

Thèid leigeil le carbadan eiridinn agus busaichean a dhol troimhe, cuide ri daoine a tha a' fuireach san sgìre ma tha e comasach sin a dhèanamh.

'S ann eadar an Leadaig agus cearcall-rathaid Chreagan a Tuath a bhios an dàrna earrann.

Bidh sin dùinte uile gu lèir eadar an 19mh agus an 27mh den t-Sultain, ach bidh e fosgailte Disathairne is Didòmhnaich.

Tha dùil gum bi maill fhathast air an trafaig an sin chun an 29mh là den mhìos.