'A' chiad fhiolm' de bhradain nach buin do dh'uisgeachan Bhreatainn

  • 14 An Lùnasdal 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Chaidh am bradan pinc fhaicinn an abhainn Nis

Tha bòrd iasgaich Albannach air 'a' chiad bhidio a-riamh' a chlàradh de bhradan nach eil dùthchasach do dh'uisgeachan Bhreatainn a' cladhachadh an seo.

Chaidh am bradan pinc neo bradan crotach fhiolmadh le Bòrd Iasgach Bradain Abhainn Nis le camarathan fon uisge faisg air Inbhir Nis.

Buinidh an t-iasg gu nàdarra dhan Chuan Shèimh.

Chaidh an seòrsa èisg seo a ghlacadh le iasgairean slait cheanna ann an Abhainn Nis, Uisge Dè agus Uisge Spè.

Tha dùil gu bheil iad càirdeach ri bradain phinc a chaidh a chur mu sgaoil ann an aibhnichean san Ruis anns na 1950an.

Tha iad air sgaoileadh gu aibhnichean anns na dùthchanan Lochlannach, a leithid Nirribhidh.

Image copyright Ness Salmon Fishery Board
Image caption Fear de na bradain phinc a chaidh a ghlacadh ann an Abhainn Nis.

Thuirt Stiùirich a' Bhùird, Chris Conroy gur e: "dearbhadh a tha seo gu bheil iasg nach eil dùthchasach dhan sgìre a' feuchainn ri cladhachadh anns na h-uisgeachan againn.

"Cuiridh sinn am fiolm do Bhuidhinn Mara na h-Alba 'son fiosrachadh a chumail riutha.

"Tha e cudromach ge-tà a bhith mothachail gu bheil an aimsir anns na h-aibhnichean againn a' ciallachadh gur dòcha nach gur iad gu soirbheachail.

"Chan eil fios againn an e rud gur tur neo-àbhaisteach a tha seo air no, nas miosa buileach, gu bheil e a' tachairt gu cunbhalach.

Tha Buidheann Dìon a' Bhradain is a' Bhric agus Stiùiriche Institiud nan Aibhnichean is nan Loch aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, an t-Oll. Eric Verspoor air rabhadh a thoirt gum faodadh seo a bhith na cunnart do bhradain a tha dùthchasach.

Mar eisimpleir, dh'fhaodadh barrachd co-fharpais a bhith ann airson biadh.