Caibideil ùr ann an eachdraidh Chataibh

  • 14 An Lùnasdal 2017
Bun Ilidh
Image caption Chaidh daoine fhuadachadh airson caoraich a chur air an fearann.

Tha dùil gun tèid caibideil ùr a sgrìobhadh ann an eachdraidh Chataibh, agus fearann a tha fhathast fo smachd teaghlach an duine a chaidh a choireachadh airson Fuadach nan Gàidheal san sgìre, Diùc Chataibh, gu bhith air a reic do shliochd an fheadhainn a chaidh fhuadachadh.

Tha buidheann choimhearsnachd air an airgead gu lèir a tha a dhìth orra fhaighinn gus am fearann a cheannach mu thimcheall air Bun Ilidh.

Gabhaidh iad sealbh air 3,000 acair de thalamh.

Thathas ga fhaicinn mar cheum mòr dhan àite, far a bheil dìleab nam fuadaichean fhathast ri fhaicinn.

Diùc Chataibh

Rinn Diùc Chataibh mòran fhuadaichean eadar 1811 agus 1820, leis a' bhàillidh aige Pàdraig Sellar, an-sàs ann a bhith a' cur dhaoine a bha a' diùltadh falbh às na dachannan aca.

Chaidh timcheall air còig deug mìle duine fhuadachadh à oighreachdan Dhiùc Chataibh, agus chaidh teine a chur ris na taighean gus nach gabhadh fuireach annta.

Chaidh mòran dhe na daoine a-null thairis no gu bailtean mòra na h-Alba, ach chaidh cuid eile gu ceàrnaidhean faisg air a' mhuir nach robh cho torrach, mar an sgìre timcheall air Bun Ilidh.