Readhactar as sine an Alba ga thoirt às a chèile

  • 14 An Lùnasdal 2017
DMRT Image copyright DSRL
Image caption Chaidh Readhactar Deuchainn Dhùn Ratha a thogail anns na 1950an.

Thèid a' chiad readhactar niùclasach a bha ag obair gu ceart ann an Alba a leagail.

Ràinig Readhactar Deuchainn Dhùn Ratha an ìre 'riatanach' - far a bheil an àireamh de neudornan aig ìre chothromach 'son an readhactar obrachadh, ann an 1958.

Chuireadh 600 tonna de stàilinn an sàs airson an làrach a thogail ach chaidh a dhùnadh ann an 1969.

Tha obair dì-chomaiseanaidh air tòiseachadh mar-thà agus chaidh earrannan mòra den làraich a leagail mar phàirt den obair sin.

Chaidh an deasc agus panailean bhon t-seòmar stiùiridh a thoirt gu taigh-tasgaidh ann an Inbhir Theòrsa ann an 2015.

Agus tha an obair airson an readhactar a thoirt às a chèile a-nis air a dhol a-mach gu cùmhnant.

Image copyright DSRL
Image caption Chaidh pàirtean eile den làraich far a bheil an readhactar a leagail mar-thà.

Tha seo air thighinn 60 bliadhna bhon a ràinig a' chiad readhactar ìre 'èifeachdachd' ann an Alba.

Chaidh uidheamachd shònraichte a chur an sàs aig an làraich ann an 1956, agus ràinig sin an 'ìre riatanach' air an 13mh den Lùnastal 1957.

'B e siud a' chiad turas a chaidh an ìre sin a ruighinn ann an Alba.

Thurt Bill Lambie, manaidsear a' phròiseict: " Tha sinn a' comharrachadh 60 bliadhna bhon a' chiad turas a thachair seo ann an Alba nuair a rinn uidheamachd deuchainn an gnothach.

" 'S e ceum mòr air adhart a bha sin, agus tha sinn a-nis ulllaichte 'son an readhactar nas motha a thàinig mar thoradh air a sin a thoirt às a chèile.

"Nuair a thèid an readhactar a thoirt a-mach às an t-sealladh san sgìre 's e ceum cudthromach a bhios ann, agus na chomharra dha-rìribh gu bheil adhartas ga dhèanamh anns a' phroiseas dì-chomaiseanaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile