Lobhat dhan chuairt dheireannaich

  • 14 An Lùnasdal 2017

Tha Lobhat troimhe gu cuairt dheireannach Cupa na Camanachd às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Camanachd an Òbain.

Rinn iad an gnothach anns na buillean mu dheireadh den gheama, agus coinnichidh iad ris an Eilean Sgitheanach no Bail' Ùr an t-Slèibh.

Bha an geama co-ionnan tadhal an urra gu trì mionaidean seachad air ùine àbhaisteach nuair a fhuair iad an tadhal.

Bha an dà sgioba gu math fàisg suas dhan chàirteal na h-uaireach mu dheireadh.

Ach nuair a fhuair Gary Lord an dàrna cairt bhuidhe aige, a chuir far na pàirce e, thionndaidh an geama.

Fhuair Lobhat tadhal air ais, às dèidh do sgioba an Òbain a bhith air thoiseach agus fhuair iad an tadhal cudromach aca sna mionaidean mu dheireadh.

Bhuannaich Lobhat Cupa na Camanachd bho chionn dà bhliadhna agus tha iad a-nis air àite a ghlèidheil sa chuairt dheireannaich uair eile.